Dannsadh Tu Air Mo Ghluin

Mairi MacInnes

Compositor: Não Disponível

Dannsadh tu air mo ghluin
Dannsadh tu Raonaid
Dannsadh tu air mo ghluin
M'ulaidh is mo ghaol ort
Dannsadh tu air mo ghluin
Dannsadh tu Raonaid
Dannsadh tu air mo ghluin
M'ulaidh is mo ghaol ort

Ceuman beaga aigherach
Ceuman beaga aotrom
Ceuman beaga aigherach
A' leum a thaobh gu taobh dhiom
Ceuman beaga aigherach
Ceuman beaga aotrom
Ceuman beaga aigherach
Le ceuman beaga sunndach

Dannsadh tu air mo ghluin
Dannsadh tu Raonaid
Dannsadh tu air mo ghluin
M'ulaidh is mo ghaol ort
Dannsadh tu air mo ghluin
Dannsadh tu Raonaid
Dannsadh tu air mo ghluin
M'ulaidh is mo ghaol ort

D'aghaidh beag a' gaireachdaich
'S do shuilean soilleir aoibhneach
S'aghaidh beag a' lasganaich
'Sa lachanaich le aoibhneas
D'aghaidh beag a' gaireachdaich
'Sa lachanaich le aoibhneas
O dannsaidh tu air mo ghluin
M'ulaidh agus m'aoibh thu

Dannsadh tu air mo ghluin
Dannsadh tu Raonaid
Dannsadh tu air mo ghluin
M'ulaidh is mo ghaol ort
Dannsadh tu air mo ghluin
Dannsadh tu Raonaid
Dannsadh tu air mo ghluin
M'ulaidh is mo ghaol ort

©2003- 2024 lyrics.com.br · Aviso Legal · Política de Privacidade · Fale Conosco desenvolvido por Studio Sol Comunicação Digital